English, Gàidhlig

‘S e àiteachan àlainn de chaochladh chruthan tìre a th’ ann an Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba. Tha mu 15,000 mìle ceàrnagach ann – còrr is an dàrna leth de dh’Alba – anns a bheil mu 500,000 daoine a’ fuireach. Anns a’ Ghàidhlig tha a’ Ghàidhealtachd a’ toirt a-steach nan Eileanan Siar cuide ri tìr-mòr agus an coimeas ris a’ Ghalldachd. Tha daoine a’ fuireach anns a’ mhòr-chuid de na h-eileanan air an taobh siar agus tha a’ mhòr-chuid a dhaoine a’ fuireach ann an Leòdhas is na Hearadh. Tha gach eilean is coimhearsnachd àraid nan dòighean fhèin.

  
Load more