Gàidhlig

‘S i a’ Ghàidhlig cànan nan Gàidheal agus cànan dùthchasach dhen mhòr-chuid a dh’Alba. Tha i air a bhith ga bruidhinn ann an Alba bhon 4mh linn co-dhiù agus tha i air aon de na cànanan sgrìobhte as sine san Roinn Eòrpa. Tha beul-aithris agus dualchas sgrìobhte beairteach aice, b’ i cànan bàird nan cinnidhean fad iomadh linn, agus tha iomadh fèis ann san latha an-diugh anns a bheil litreachas, ceòl is òrain na Gàidhlig gan taisbeanadh.

  
Load more