Gàidhlig

Tha am pròiseact a’ tòiseachadh air tighinn ri chèile a-nis. Thagh mi òran Gàidhlig agus òran Basgais airson an ceòl. An uairsin chuir mi seinneadairean air dòigh airson a bhith a’ clàradh na h-òrain anns an aon ghleus (ach ann an diofar dùthchannan!). Rinn Eilidh Rothach agus Màiri Britton an t-òran Gàidhlig agus cuideachd fhuair mi cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba airson seann chlàradh a chleachdadh bhon tasglann aca.

Cymraeg, English, Euskara, Frysk, Gaeilge, Gàidhlig, Galego, Kernowek

We are very happy to present the members of the TOSTA-band to you; an international collaboration full of music! From each of the seven TOSTA-regions there is one band member. Together they are playing at each TOSTA festival organised in all the participating regions. Meet the band!

  

English, Gàidhlig

Tha a’ ghreis agam air mhuinntireas san Eilean Sgitheanach air tighinn gu crìch a-nis agus tha mi air beagan ùine a chur seachad a’ meòrachadh air an turas agam.

Bha e mìorbhaileach a thighinn a dh’àite far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn gu nàdarra a h-uile latha (bha mi fhìn a’ faireachdainn ciontach gum b’ fheudar dha daoine Beurla bhruidhinn air mo shon-sa). Tha mi den bharail gu bheil seo uabhasach cudromach, ma tha mion-chànan sam bith a’ dol a mhaireadh beò, gu bheil àiteachan mar seo ann, far an urrainn do chuideigin a bhith air a bhogadh sa chànan – ‘s bochd nach eil àite mar seo ann airson na Còrnais!

Gàidhlig

Tha mi air a bhith an seo aig Sabhal Mòr Ostaig fad seachdain a-nis. Ràinig mi an toiseach anmoch air an oidhche agus cha bu lèir dhomh an t-eilean. Nuair a dh’èirich mi làrna-mhàireach, dh’fhosgail mi na cùirtearan agus cha b’ urrainn dhomh an sealladh a bha romham a chreidsinn! Tha a’ Cholaiste an cois a’ chladaich agus a’ coimhead a-null thar na linne do bheanntan nan Garbh Chrìochan a tha còmhdaichte le sneachd. Tha e annasach a bhith a’ coimhead a-null thar na mara is a’ faicinn na talmhainn air an taobh thall. Dhòmhsa dheth tha i nas coltaiche ri abhainn mhòr. A chionn ‘s gur ann às a’ Chòirn a tha mi, ‘s àbhaist dhomh fhìn a bhith a’ coimhead a-null thar sàil don fhàire, ach anns an Eilean Sgitheanach tha talamh ann sa h-uile àird air an laigh do shùil – eadar tìr-mòr no eileanan eile.

English, Gàidhlig

‘S e àiteachan àlainn de chaochladh chruthan tìre a th’ ann an Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba. Tha mu 15,000 mìle ceàrnagach ann – còrr is an dàrna leth de dh’Alba – anns a bheil mu 500,000 daoine a’ fuireach. Anns a’ Ghàidhlig tha a’ Ghàidhealtachd a’ toirt a-steach nan Eileanan Siar cuide ri tìr-mòr agus an coimeas ris a’ Ghalldachd. Tha daoine a’ fuireach anns a’ mhòr-chuid de na h-eileanan air an taobh siar agus tha a’ mhòr-chuid a dhaoine a’ fuireach ann an Leòdhas is na Hearadh. Tha gach eilean is coimhearsnachd àraid nan dòighean fhèin.

  

English, Gàidhlig

Tha Zenna Tagney air tòiseachdainn aig Sabhal Mòr Ostaig mar Neach-ealain Lèirsinneach bhon 27 den Ghearran gus 1 den Ghiblean.

Rugadh Zenna ann an 1988 ann an Gunnislake an taobh sear na Còirn agus thogadh i ann an Tywardreath am meadhan na Còirn. Tha ceum bunasach ann an Ealan is Dealbhadh aig Zenna agus ceum BA (Urram) ann an Obair-chiùird Nuadh bho University College Falmouth.

  

English, Gàidhlig

‘S e ionad cliùiteach a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, air aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig agus a tha na chom-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE). ‘S e Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste san t-saoghal a tha a’ tairgsinn foghlam adhartach is àrd-ìre tro mheadhan Gàidhlig na h-Alba. Tha goireasan air leth math air an àrainn – a tha suidhichte ann an ceann a deas àlainn an Eilein Sgitheanaich air taobh siar na h-Alba – agus tha beairteas eòlais is goireasan rannsachaidh ann.

  

Gàidhlig

‘S i a’ Ghàidhlig cànan nan Gàidheal agus cànan dùthchasach dhen mhòr-chuid a dh’Alba. Tha i air a bhith ga bruidhinn ann an Alba bhon 4mh linn co-dhiù agus tha i air aon de na cànanan sgrìobhte as sine san Roinn Eòrpa. Tha beul-aithris agus dualchas sgrìobhte beairteach aice, b’ i cànan bàird nan cinnidhean fad iomadh linn, agus tha iomadh fèis ann san latha an-diugh anns a bheil litreachas, ceòl is òrain na Gàidhlig gan taisbeanadh.

  
Load more