Gàidhlig

Sophie Stephenson Blog 1

Posted on May 24th, 2016

Cha mhòr nach eil mi air a bhith ann an Dùthaich nam Basgach fad cola-deug a-nis agus tha mi faireachdainn gu math stèidhichte anns an àite. Tha dà sheachdain air leth trang air a bhith agam – a’ coinneachadh ri daoine ùra, ag ionnsachadh a’ chànain, a’ rannsachadh an àite, a’ chultair, a’ chiùil agus, gu dearbh, an dannsa!

Tha mi fhèin nam dhannsair agus ceòladair agus tha ùidh mhòr agam sna ceanglaichean ruitheamach eadar cànan, ceòl agus dannsa. Bidh mi an seo airson còig seachdainean uile gu lèir agus tha dùil agam pìos fiolm a chruthachadh a tha a’ toirt còmhla an dà chànan – Gàidhlig agus Basgais.

Ann an Alba, tha mi nam phàirt den chòmhlan-ciùil ‘Huradal’ (www.huradal.com) a tha a’ taisbeanadh puirt-à-beul agus dannsa ceum. Leis a’ chòmhlan, tòisichidh sinn le port agus an uair sin obraichidh sinn a-mach ceumannan a thèid leis an fhonn. Le puirt-à-beul tha mi ag èisteachd ris na lidean sna faclan, mar eisimpleir anns a’ phort-cruinn “cia-mar-a-nì-mi-dann-sa-dì-reach” – tha naoi lidean ann agus bidh naoi buillean ann an ceum dannsaidh, mar gum biodh. Airson a’ phròiseict le TOSTA, bu toil leum an aon rud a dhèanamh ach a’ cleachdadh òrain bho Ghàidhlig agus Euskara. An uair sin, nì mi fiolm ghoirid, a’ clàradh nan ceuman a-muigh (uill, ‘s e sin a tha mi an dùil co-dhiù!).

An-dràsta tha mi fhathast trang a’ dèanamh rannsachadh.  Cha robh eòlas agam air cultar nam Basgach mus tàinig mi agus mar sin tha mi ag ionnsachadh tòrr. Tha mi smaointinn gu bheil e cudromach gu bheil mi a’ tuigsinn a’ chiùil agus nan dannsaichean traidiseanta an toiseach.

Mar phàirt den phrògram ealain air mhuinntireas ann an Dùthaich nam Basgach, bidh mi fo stiùir na companaidh dannsa “Kukai” a tha stèidhichte ann an Errenteria, faisg air baile Donostia/San-Sebatian, far a bheil mi a’ fuireach. ‘S e companaidh dannsa phroifeiseanta a tha annta a tha a’ dèanamh measgachadh de dhannsa traidiseanta agus dannsa co-aimsireach. Thachair mi riutha an t-seachdain sa chaidh agus dh’ionnsaich mi ceum no dhà den Fandango agus an Arin-Arin – dannsa traidiseanta bho Dhùthaich nam Basgach. Sheall mi fhìn dhaibhsan diofar dhannsaichean bho Alba – Highland Schottische, Dannsa Gàidhealach, agus beagan dannsa ceum bho Cheap Bhreatainn.

‘S urrainn dhuibh tuilleadh a leughadh mu dheidhinn an turais agam air an làraich-lìn www.sophabulous.co.uk agus cuideachd air na meadhanan-sòisealta (www.facebook.com/SophabsulousSteps) far am bi mi a’ cur tòrr dhealbhan agus bhideothan.