English, Gàidhlig

Blog 2 – ZENNA TAGNEY

Posted on March 28th, 2016

Tha an ùine a’ dol seachad gu luath an seo san Eilean Sgitheanach. Tha mi air a bhith ag obair agus tha cùisean dha-rìreabh a’ tighinn ri chèile.

Anns an rannsachadh agam, lorg mi sgeulachdan mun ‘chrodh-mara’ a tha nam beathaichean sònraichte is a tha a’ fuireach anns a’ mhuir ach a thig air tìr gu na h-àitean ionaltraidh aca. A rèir nan sgeulachdan, ma thogas tu dòrlach ùir ann an cladh, ma liùgas tu gun fhiosta air cùl a’ chruidh-mara agus ma thilgeas tu an ùir eatarra fhèin agus an cladach, cha tèid aca air tilleadh don mhuir. Thathar ag ràdh gur e seo a rinn croitear Sgitheanach o chionn fhada agus gur ann de shliochd a’ chruidh sin a tha crodh an Eilein Sgitheanaich. Nach e a tha math a bhith ri rannsachadh!

Tha iomradh air àite sònraichte ann an sgeul anns a bheil an crodh-mara a’ tilleadh bhon mhuir. “Bhiodh an crodh a chìte ag ionaltradh air a’ Bhràighe a’ cur feum air Creag MhicNeacail aig Sgoirebreac mar laimrig.” Chan eil Creag MhicNeacail sgrìobhte air a’ mhap ach tha mi a’ smaoineachadh gun do lorg mi i le taic Eòghainn MhicThòmais, a tha na shaor is a bhios a’ togail eathraichean.

Tha Eòghann ag obair còmhla rium cuideachd agus a’ togail stèidh uabhasach sònraichte dhomh. Bidh barrachd fios mun sin ann a dh’aithghearr…

Time is flying by up here on the Isle of Skye. I’ve been working away and things are beginning to take shape.

In my research I came across stories of  the ‘crodh-mara’ a very special breed of cattle that live under the sea but come ashore to graze.  Apparently if you take a handful of earth from a graveyard, sneak up on the crodh-mara and throw it between them and the shore they will not be able to return to the sea.  It is said that a crofter managed to do this long ago and most of the cattle on Skye are descendants  of these sea cattle.

One story talks about a specific place that the crodh-mara came ashore . “ The herd which used to graze at Braes always used MacNicol’s Rock at Scorrybreck as a landing-place”. MacNicol’s Rock isn’t marked on the map, but with help from local boat builder Ewan Thomson, I think I found the place. Fantastic to do a bit of detective work!

Ewan is also working with me and building me a very special plinth. More on that directly…