Gàidhlig

Dydh da/Shin thu!

Posted on March 16th, 2016

Tha mi air a bhith an seo aig Sabhal Mòr Ostaig fad seachdain a-nis. Ràinig mi an toiseach anmoch air an oidhche agus cha bu lèir dhomh an t-eilean. Nuair a dh’èirich mi làrna-mhàireach, dh’fhosgail mi na cùirtearan agus cha b’ urrainn dhomh an sealladh a bha romham a chreidsinn! Tha a’ Cholaiste an cois a’ chladaich agus a’ coimhead a-null thar na linne do bheanntan nan Garbh Chrìochan a tha còmhdaichte le sneachd. Tha e annasach a bhith a’ coimhead a-null thar na mara is a’ faicinn na talmhainn air an taobh thall. Dhòmhsa dheth tha i nas coltaiche ri abhainn mhòr. A chionn ‘s gur ann às a’ Chòirn a tha mi, ‘s àbhaist dhomh fhìn a bhith a’ coimhead a-null thar sàil don fhàire, ach anns an Eilean Sgitheanach tha talamh ann sa h-uile àird air an laigh do shùil – eadar tìr-mòr no eileanan eile.

Tha mi air mo bhogadh fhìn ann am beairteas àraid sgeulachdan, òrain, dàin is seanfhaclan na Gàidhlig anns an Leabharlann http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/leabharlann/ agus ann an tasglann Tobar an Dualchais http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/ . Tha e uabhasach inntinneach na freumhan cumanta fhaicinn a chithear cuideachd ann an sgeulachdan sa Chòirn agus nithean eile a lorg a tha gu tur ùr dhomh. Tha mi air a bhith a’ faighinn tlachd à saoghal na Maighdinn Mara, Sruth nam Fear Gorma agus Sliochd nan Ròn. Tha mòran ann às am faighear brosnachadh!