English, Gàidhlig

Neach-ealain – Artist, Zenna Tagney

Posted on March 2nd, 2016

Tha Zenna Tagney air tòiseachdainn aig Sabhal Mòr Ostaig mar Neach-ealain Lèirsinneach bhon 27 den Ghearran gus 1 den Ghiblean.

Rugadh Zenna ann an 1988 ann an Gunnislake an taobh sear na Còirn agus thogadh i ann an Tywardreath am meadhan na Còirn. Tha ceum bunasach ann an Ealan is Dealbhadh aig Zenna agus ceum BA (Urram) ann an Obair-chiùird Nuadh bho University College Falmouth.

Bidh i ag obair mar as àbhaist air obair crèadha, agus chithear seanchas, caractar is nàdar na cuid saothrach. Tha a togail anns a’ Chòrn agus a ceangal le cruth-tìre, dualchas agus ùrsgeulan na Còirn a’ toirt buaidh air a h-ealain.

Bidh a’ mhòr-chuid de a h-obair dèante de chrèadh porsalain aig a bheil ceangal sònraichte ris an àite san do thogadh i, faisg air Sgìre a’ Phorsalain sa Chòrn. Bidh i a’ snìomh nithean a thèid lorg, fiodh is lusan, na cuid obrach.

Zenna Tagney has joined us at SMO as Visual Artist in Residence from 27 Feb to 1 April.

Zenna was born in 1988 in Gunnislake, east Cornwall, and grew up in Tywardreath, mid Cornwall.  Zenna has a foundation degree in Art & Design and a BA (Hons) in Contemporary Crafts from University College Falmouth.

Working predominantly in ceramic sculpture, her pieces incorporate themes of narrative, character and nature, and are inspired by her experiences of growing up in Cornwall and her connection to its landscape, cultural traditions, and mythology.

The majority of her sculptural work uses porcelain clay, a material with a close connection to the area in which she grew up, near China Clay Country. She incorporates found objects such as old wood and vegetation into her pieces.